A bheil sinn ceart eagal a bhith oirnn?

2
806

Beachdachadh air fisean niùclasach agus sàbhailteachd le Conn Ó Muineacháin.

http://www.gaelsceal.ie/

Is e mòr-thubaist cho dona ‘s a bha riamh ann: crith-thalmhainn agus sunàmai a mharbh mìltean de dhaoine agus a dh’fhàg bailtean gu lèir sgriost san t-Seapan. Agus, air muin sin, iomagain ann gu bheil mòr-thubaist niùclasach a’ bagairt oirnn bho stèisean gineadh-cumhachd Fukushima.

Os cionn teicneòlais sam bith eile, is e an cumhachd dadamach as mò a chuireas an t-eagal oirnn. Is e an comas sgriosa do-chreidsinn as còireach, gun teagamh. Dèanamaid cuimhne air lom-sgrìob Hiroshima agus Nagasaki. Is ann mar inneal-cogaidh a thàinig neart an niùclais fa-near dhuinn sa chiad dol-a-mach. Ach cuiridh adhbhar eile fo eagal sinn cuideachd, is e sin a’ mhì-thuigse.

Tha deagh thuigse againn air ola agus gual – tha sinn air a bhith gan loisgeadh nar taighean fhèin fad ginealaichean. Ach is e sgeul eile buileach a th’ann an sgoilteadh a’ dhadaim. Leis an aineolas cho farsaing agus leis an comas sgriosa cho uabhasach ‘s a tha e, chan eil iongantas ann idir gu bheil an t-eagal ud air a dhùsgadh as ùr an cois tachartasan na mìosa-sa chaidh.

Bidh reactaran niùclasach uile an t-saoghail ag obair leis an aon phròiseas bunaiteach: fisean niùclasach. Sa phròiseas seo, co-bhuailear neodron saor le dadam de uràiniam 235 gus uràiniam 236 a chruthachadh, a sgoilteas ‘s a bhriseas sìos gu susbaint nas aotroime. Sa phròiseas, sgaoiltear lùths teasa, agus sgapar tuilleadh neodronan, a cho-bhuaileas le dadaman U-235 eile ann an iom-obrachadh slabhraidh, iom-obrachadh a bhiodh a’ ruith air falbh nan robh U-235 gu leòr an làthair gus a chumail a’ dol.

Is e an dòigh a ghabhas an t-iom-obrachadh seo a chumail fo smachd, gun ach cuid dhen stuth connaidh a leigeil ris. Is ann an cruth shlatan a tha an connadh seo, barrachd air 800 aca am broinn reactair a ghineas dealain, mar eisimpleir. Tha iad air an cur ann an òrdagh a dh’fhàgas beàrnan eatorra far a dh’fhaodas slatan de sheòrsa gu tur eile a shàthadh a-steach. Is iadsan seo na slatan-riaghlaidh – air an dèanamh às stuth a chuireas an aghaidh nan neodronan. A rèir mar a shàthtar na slatan-riaghlaidh a-steach is a-mach à cridhe an reactair, atharraichear faid nan slat-connaidh a tha air an leigeil ris agus gabhaidh an t-iom-obrachadh a chumail fo smachd.

Nuair a thathar ag iarraidh stad a thoirt air an reactar, thèid na slatan-riaghlaidh a shàthadh a-steach gu slàn gus na slatan-connaidh a thearbadh gu tur bho càch a-chèile. Faodaidh an luchd-obrach seo a dhèanamh aig àm sam bith, no faodaidh an gnothach a thachairt gu fèin-ghluasadach, mar a thachair aig Fukushima nuair a bhuail an crith-thalmhainn.

Ach ged a bhios na slatan-riaghlaidh a-staigh chan eil sin a’ ciallachadh gu bheil stad buileach air an iom-obrachadh niùclasach. Leanaidh e air, aig ìre nas isle, am broinn nan slat-connaidh. Tha na slatan nas lugha na am meall critigeach, mar sin thèid na dh’fhòghnas de neodranan a shùghadh a-steach dhan uisge mus urrainn dhaibh dadam U-235 a bhualadh, rud a ghlèidheas an t-iom-obrachadh fo smachd.

Nuair a bhios an reactar ag obair gu dòigheil, bheirear an teas a-mach às le uisge a bhruich agus an lùths cianail a dh’èireas a chruth-chaochladh gu dealan ri linn na smùid a chur tro thurbainean.

Nuair a stadas an reactar bidh an t-iom-obrachadh a’ cumail a’ dol aig ìre nas ìsle, mar a thuirt sinn, agus feumar an teas sin a ghlacadh agus a thoirt a-mach às gu sàbhailte. Is e sin a thathar a’ dèanamh leis an uisge. Ann an gnàth-obrachadh an reactair, is e goil an uisge a dh’aisigeas an lùths dha na turbainean – ach tha foincseanan eile aige cuideachd. Taobh a-staigh an reactair cuiridh e dàil air na neodranan ach am bi an lùths ceart aca gus fisean a spreigeadh, agus sùghaidh e a-steach iad mar an ceudna. Cleachdar uisge amaran-stòrais sa bhios slatan-connaidh a tha caithte ach fhathast rèidio-beò. Thèid na slatan seo a sgaradh bho chèile ach an gabh na neodranan a shùghadh a-steach leis an uisge. Mar seo cha ruig an stuth rèidio-beò air meall critigeach a thoiseachadh iom-obrachadh slabhraidh air an cailleadh smachd.

Mar as math a tha eòlas againn a-nis, tha siostam sàbhailteachd ann a chleachdas pumpaichean gus uisge fuar a chumail a’ sruthadh tro na reactaran nuair a tha stad orra. Agus mar a tha fios againn cuideachd, dh’fhàillig na gineadairean dìosal Seapanach, bhon a bha an sunàmai barrachd air dà uair na b’àirde na am balla a chaidh a chumadh gus an dìonadh.

Thachair an duilgheadas lùths ris am biodh dùil. Mur as urrainn do lùths a sgaoileadh gu mall rèidh, sgaoilear gu h-obann agus le neart e. Spreadh trì dhe na togalaichean nuair a bhris smùid uisge sìos gu hàidridean agus ogsaidean: measgachadh a tha neo-sheasmhach. Agus chan eil fhios fhathast dè an cron a chaidh a dhèanamh am broinn nan reactaran fhèin.

Cuiridh e iongantas air daoine a chluinntinn nach robh siostam sàbhailteachd an sàs ann an Fukushima a sheasadh an fhòid ro shunàmai sam bith. Their luchd-càinidh an lùths niùclasaich nach bu chòir e a chleachdadh mura bheil sàbhailteachd 100% air a ghealltainn.

Ach tha fhios aig eòlaichean agus aig innleadairean nach eil a leithid a rud ann ri sàbhailteachd 100%. Agus bidh cuid aca a’ tagairt gu bheil gàbhadh Fukushima a’ sealltainn gu bheil an lùths niùclasach, fiù’s nuair a dh’fhàilligeas an siostam sàbhailteachd, fhathast nas sàbhailte na gual no na ola. A bheil iad ceart? Is e sin a’ cheist a thogas alt na seachdaine ri tighinn.

Tùs-aiste: Ar cheart go mbeadh eagla orainn?
Eadar-theangaichte bhon Ghaeilge dhan Ghàidhlig le Fearghas MacFhionnlaigh

This article asks what can be learnt from Fukushima regarding the safety of nuclear power.