An e-Reabhlaid!

9
1142

le Diarmuid Ó Muirgheasa

Buaidh nam meadhanan-sòisealta air poilitigs agus dè dh’fheuchas riaghaltasan gus stad a chur orra.

Chan eil e fada ceàrr a ràdh gur e mìorbhail a th’anns an eadarlìon. Gu cinnteach bho thaobh an eòlais-shòisealtais. Tha tòrr (is dòcha cus) sgrìobhte o chionn ghoirid mun bhuaidh air conaltradh agus comhluadar a tha air a bhith aig leithidean Facebook is Twitter thar nam bliadhnachan sa chaidh. Tha sin taghta, agus cudromach gun teagamh, ach is ann a-mach nas mò air teicneòlas fhèin a tha mi an turas seo.

An lùib eadarlìon an là ‘n diugh tha iomadach fo-lìn agus fo-fho-lìn, agus an lùib iadsan sin tha coimpiutairean deasga agus glùine, fònaichean-làimhe, frithealaichean mòra, coimpiutairean a tha uaireannan faisg air 30 bliadhna dh’aois, coimpiutairean Windows agus coimpiutairean Apple, bucais telebhisein Sky agus UPC, agus a-nis fridsichean agus àmhainnean cuideachd. Agus an uidheamachd seo air fad dèante le companaidhean saothrach eugsamhla. Eadhon ged a bhiodh os-chompanaidhean coltach ri Microsoft no Google an sàs agus e mar dhleasnas aonarach aig an 30,000 innealtair aca an t-eadarlìon a chumail ag obair, is gann gun gabhadh a’ chùis a dhèanamh leo. Ach bho nach eil daoine sam bith ann ‘s dleasnas orra aire a thoirt dha, is gann gun gabh e chreids nach fàillig air gu cunbhalach.

Air dhòigh air choireigin chan eil fàilligeadh a’ tachairt, ach cha bhiodh e fada ceàrr an lìon a shamhlachadh ri lùth-chleasaiche a tha tuiteam an comhair a chinn, ach e a’ ruith dìreach tapaidh gu leòr gus a chas a chumail cha mhòr fodha. Aon bhruthadh beag agus tuitidh an tòn às, agus ged as urrainn dhan eadarlìon gaoidean àraidh a làimhseachadh, tha tòrr chàball agus rùtairean ann a dh’adhbharachadh duilgheadasan mòra ma dh’fhàillig orra.  

A rèir coltais a-nis, ma tha cuideigin airson oisinn a thearbadh bhàrr an eadarlìn gabhaidh sin a dhèanamh. Thachair e ann an Neapàl ann an 2005, agus ann am Burma ann an 2007, agus san dà shuidheachadh ud bha comas aig an riaghaltas ceangal gu lèir na tìre a sgriosadh trìd phrìomh-rùtair no dhà a mhùchadh. Chan eil tè seach tè dhen dà dhùthaich sin leasaichte gu ìre àrd, ‘s chan eil fhios aig duine sam bith dè thachras nuair a rachas tìr leasaichte gu h-iomlan bhàrr an eadarlìn.

Uill, gu ruig am mìos-sa chaidh co-dhiù, nuair a ràinig ùpraidean Eiphit ìre dèine àrd gu leòr a thoirt air an riaghaltas ceangal tele-chonaltradh na tìre a dhùnadh.

Chan e gu bheil gnìomhachas na h-Eiphit cho mòr sin – tha iad caran dhen aon mheud ri Èirinn, fiùs sinne bancbhriste, agus iad le ochdad millean duine no mar sin cho math.

Tha iad nam pàirt cudromach dhen Ear Mheadhan, ge-tà, agus le smachd aca air Chanàl Suez tha prìomh-ròl aca ann am malairt ola domhanta. Bidh timcheall air millean baraille ola a’ siubhal tron Chanàl gach uile là agus bhiodh buaidh chianail aig bacadh sam bith air sin air stoc-mhargaidhean air feadh an t-saoghail, gun luaidh air a’ bhuaidh a bhiodh air cosgaisean ola.

Nas inntinniche na dè dh’fhaodas a bhith an dàn dhan eaconamas, ge-tà, tha an teòmachd theicneòlach a chaidh a thoirt gu buil. Ged a tha an sgeul seo mu dè cho furasta ‘s bha e do Riaghaltas na h-Eiphit 90% den tír a thoirt bhàrr an eadarlín, is e sgeul a th’ann cuideachd mu dè cho innleachdach ‘s a tha muinntir na dùthcha ‘s iad airson na h-ìre conaltraidh air a bheil iad cleachdt a-nis a ghlèidheil. Taobh a-staigh uair no dhà a thìd dhen mhùchadh bha daoine air an duslach a shiabadh bhàrr nan innealan-facsa, agus ann an ùine gun a bhith fada bha stiùireadh ga chur timcheall air ciamar a ghabhadh fòn-làimhe a chleachdadh mar mhòdam daidhl-suas, a leigeadh le cleachadair dol air loidhne an cois àireimh fòn air leth a dhaidhleadh. A rèir coltais tha rèidio àmaitearach ga chleachdadh gu farsaing cuideachd, agus tha muinntir eile ag obair leis an 10% de dhaoine aig a bheil ceangal idirlín fhathast gus an ceangal ud a phàirteachadh le WiFi.

Is dòcha gur e an fhreagairt eadar-nàiseanta mun ghnothach an nì as inntinniche buileach. Air blogannan agus air lìonrannan mu thimcheall an t-saoghail tha càineadh gu cùl an droma ann ri linn a’ chruaidh-cheannsachaidh, agus Riaghaltas na h-Eiphit ga chur an coimeas ri gach seòrsa de dheachdaire agus riaghaltas loibht. Tha e doirbh a chreids dha-rìribh gum biodh barrachd feirg ann ma bha an Riaghaltas air uisge fhèin a dhiùltadh dhan t-sluagh.

Leis a seo ar fad mar chùlra, tha sùil air reachdas ann an Ameireaga a bheireadh cumhachd dhan Cheann-suidhe ceangal eadarlìon na tìre a gheàrradh ann an suidheachadh “èiginn”.  

Chan eil e soilleir dè seòrsa èiginn a bhiodh airidh air a leithid de fhreagairt, ach seasaidh co-dhùnadh sam bith a nì Riaghaltas Ameireaga mar ro-shampall dhan chòrr dhen t-saoghal. Tha àm cugallach a’ tighinn dhan eadarlìon ‘s e a’ dlùthachadh ri bliadhna air fhichead a dh’aois, agus tha na co-dhùnaidhean a tha romhainn cho cudromach sa ghabhas.  

http://www.gaelsceal.ie

Eadar-theangaichte bhon Ghaeilge dhan Ghàidhlig le Fearghas MacFhionnlaigh

The article (“The e-Revolution!”) concerns the role of the internet and social-networking in the current crisis in Arab countries, and how much control governments seek to have over this technology.