An Lituània a’ sàrachadh mhion-chànanan

0
874

Eadar-theangaichte bhon Ghaeilge le Fearghas MacFhionnlaigh, le taing do Nuacht24.

Thathar a’ gairm air a’ Choimisean Eòrpach a chur an aghaidh riaghailtean ùra san Lituàinia a tha a’ casg cleachdadh mhion-chànanan dùthchasach san tìr. Na bu tràithe am bliadhna cheadaich Pàrlamaid Lituàinia tionndadh ùr de Achd an Fhoghlaim. Gu ruige seo bha cead aig pàrantan cànan meadhan-teagaisg an cuid cloinne a roghnachadh. Chan eil an cead seo aca tuilleadh. Chan eil roghnachadh ann aig a’ mhòrchuid a-nis ach sgoiltean Lituàinis.

Tha an riaghladh seo a’ dlùth-leantainn air polasaidh eile aig Riaghaltas Vilnius a tha toirt air luchd-labhairt mhion-chànanan an ainmean a sgrìobhadh san Lituàinis a-mhàin. Tha e cuideachd a’ cur càin air gnothachasan agus air ùghdarrasan ionadail ma churas iad an àirde soidhnichean dà-chànanach.

Is e luchd-labhairt na Pòlainnis a th’ anns a’ mhion-chuid dhùthchasaich as mò san Lituàinia. Ged nach eil annta ach 7% den t-sluagh gu lèir, tha an àireamh ag èirigh gu 80% ann an caochladh sgìre san ear-dheas. Tha àireamhan àrda de luchd-labhairt dhùthchasaich na Rùisis agus na Bealaruisis ann cuideachd.

An t-seachdainnsa chuir Buill-phàrlamaid Eòrpach às a’ Phòlainn, agus bho thar-bhuidhinn shònraichte, ceist fa chomhair a’ Choimisein Eòrpaich a’ faighneachd dè ghabhas dèanamh a chur an aghaidh na cùis-iomagain seo. Nam beachdsan tha an Lituàinia a’ dol an aghaidh sreath reachdais, mar eisimpleir a’ Chairt Eòrpach a-thaobh Chànanan Roinneil no Mion-chuideil. Tha na Buill ag iarraidh air a’ Choimisean barrachd a dhèanamh gus na mion-chuidean a dhìonadh.

Chaidh an Lituàinis fhèin a chur fo chois nuair a bha an tìr fo smachd Ìmpireachd na Rùise san 19mh Linn, ach tha i air a bhith na prìomh-chànan nàiseanta bhon a fhuair an Lituàinia neo-eisimeileachd ann an 1990.

Bonn-nota le Pòl Caomhànach:

Tha deasbad làidir ann am measg eòlaichean-Slabhais co-dhiù as e no nach e Pòlainnis dha-rìribh a th’ ann an dualchainntean “Pòlainneach” na Lituàinia. Bidh an luchd-labhairt a’ cleachdadh cainnt litearra na Pòlainnis, ach a thaobh structair agus leacsacain tha na dualchainntean nas fhaisge air a’ Bhealarùisis. Mas e Caitligich Ròmhanach a th’ anns an luchd-labhairt, bidh iad gam meas fhèin mar Phòlainnich. Air an làimh eile, bidh luchd-labhairt nan dualchainntean ceudna a tha Ceart-chreidich Earach a thaobh eaglais den bheachd gur e Bealarùisis a tha iad a’ bruidhinn. 

Is e cùis mhòr phoilitigeach a tha seo san Lituàinia. Chaidh an roinn sa bheil Pòlainnis ga labhairt a cheangal ris a’ Phòlainn an cois cogaidh ghoirid eadar na stàitean ùr-eisimeileach a dh’èirich mar thoradh air a’ Chogaidh Mhòr. Gu h-eachdraidheil, b’e Vilnius prìomh-chathair Lituàinia, ach as dèidh linntean de aonadh ris a’ Phòlainn agus an uairsin riaghladh leis an t-Sàr bha a’ mhòr-chuid sa bhaile nan luchd-labhairt Pòlainnis, ann an tomhas mòr. Chan eil labhraichean Lituàinis a’ dèanamh an àird ach nas lugha na 20% de mhuinntir Roinn Vilnius agus 2% no 3% a-mhàin de luchd-còmhnaidh na cathrach fhèin. A rèir a’ chunntais-sluaigh mu dheireadh a rinn fon t-Sàr bha 50.2% de mhuinntir a’ baile nam Pòlainnich, air an leantainn le 43.5% a bha nan Iùdhaich. Is e Iùdhais (Yiddish) a bh’aig a’ chuid a bu mhò de na Iùdhaich, ged a b’annsa le beag-chuid làidir a’ Phòlainnis.  Is e dualchainnt àrd-inbheach a bh’ ann an Iùdhais Vilnius, agus chaidh a cleachdadh mar bhonn-stèidh aig deireadh an 19mh linn nuair a chaidh Iùdhais choitcheann a chruthachadh. Sin mar a dh’fhan cùisean gu ìre mhòr gus an do rinn an t-Uile-loisgeadh lèir-sgrios air an t-sluagh Iùdhach.

As dèidh an Dàrna Cogaidh Dhomhanta chaidh a’ chathair-bhaile a thilleadh do Lituàinia mar phàirt de Phoblachd Shòibheatach Lituàinia, agus dh’fhàs e gu luath aig an àm ud. Is iad luchd-labhairt Lituàinis bho sgìrean dùthchail agus àireamh àrd de luchd na Rùisis a bu mhò a bh’ anns an luchd-àiteachaidh ùr. A rèir a’ chunntais-sluaigh as ùire is iad Pòlainnich a th’ ann an 20% de mhuinntir a’ bhaile, cha mhòr, ach tha sioft-cànanach don Lituàinis fo làn sheòl am measg a’ ghinealaich òig.  Tha muinntir Rùiseach na cathrach, a tha dèanadh suas 15% den t-sluagh, a’ tionndadh gu Lituàinis an dràsta cuideachd.

Chan eil a’ bheag-chuid as mò san Lituàinia, na Samogitianaich, air an aithneachadh gu h-oifigeil idir. Tha iadsan a’ labhairt dualchainnt den Lituàinis a tha air leth diofraichte. Gu dearbh, dh’fhaodadh tu ràdh gur e cànan slàn air a ceann fhèin a th’innt. Tha i faisg air an Latbhais ann an seagh no dhà, agus tha i gu h-àraid coltach ris an dualchainnt nabaidheach de Latbhais ris a chanar Curonais, dìreach don àird a tuath. Tha a’ mhòr-chuid den luchd-labhairt gam meas fhèin mar Lituàinich a thaobh dualchais.

English summary: Representations have been made to the European Commission concerning language issues in Lithuania.  The Polish speaking minority make up 7% of the country’s population, but 80% in some districts.  There are also significant minorities of Russian and Belorusian speakers.  Concerns have been raised that people must use only the Lithuanian language forms of their personal names, and shops and businesses which display bilingual signage are fined.