An Taoiseach Enda Kenny air beulaibh an Aonaidh Eòrpaich

16
2239

Àrd-choinneamh Comhairle na h-Eòrpa

le Fionán Óg Ó Muireachtaigh

Sa Chèitean 2008, nuair a fhritheil an Taoiseach Brian Cowen air Àrd-choinneamh Comhairle na h-Eòrpa sa Bhruiseil a’ chiad uair, chaidh a chur fo uallach mòr.

Bha Èirinn air a’ chiad reifreann air Còrdadh Liosboin a dhiùltadh, agus bha fearg air na ceannardan eile. Chuir e iongnadh mòr orra gum b’urrainn tìr cho beag ri Èirinn bacadh a chur air an Roinn Eòrpa ar fad.

Bha Uachdaran na Frainge, Nicolas Sarkozy, an ceannard as àrd-ghuthaiche. Dar leis, dh’fheumadh Cowen reifreann eile a chur air chois sa bhad. B’ ann aig a’ Fhraing a bha Uachdaranachd an Aonaidh Eòrpaich aig an àm agus bha e ag iarraidh bhith na rìgh na h-Eòrpa nuair a thigeadh an Còrdadh fo bhlàth.

Ach an dèidh a’ choinneimh bha Sarkozy nas ciùine. Bha teachdaireachd shèimh aontaichte aig Comhairle nan Ceannard. Cha robh guth air reifreann an dèidh a’ chruinneachaidh. Thuirteadh gum biodh cothrom aig riaghaltas agus muinntir na h-Èireann meòrachadh air cùisean.

Bha reifreann ann, ge-tà. Agus chaidh an còrdadh a shlugadh an turas sin.

A-nis tha fonn troid air Uachdaran na Frainge a-rithist, ach tha Taoiseach ùr fa chomhair. Gun ach trì là oibre air a chur seachad aige mar cheann-riaghaltais, fhritheil Enda Kenny air coinneamh Comhairle na h-Eòrpa agus thug e aghaidh air 27 ceannard ball-stàit an AE.

Bha ùpraid ann. Dh’iarr Sarkozy gun dèanadh Èirinn àrdachadh air a cìs corparaide gus taic a thoirt dhan t-siostam cìse tras-Eòrpach co-aontaichte. Rinn e soilleir nach biodh lùghdachadh sam bith a thaobh ìre riadh an iasaid-èiginn ann as aonais seo. Dhiùlt an Taoiseach ris. Gu ruige seo.

Cha do ghabh Kenny ri cuireadh connspaideach Sarkozy fhathast. Fad seachdain a-nis, tha am Ministear Airgeadais ùr, Micheal Noonan, air a bhith ruith iomairt-dìona chiùin na aghaidh. Tha e cantainn nach e ìre cìs corparaid 32% na Frainge ach ìre “mas fhìor”, gu bheil ìre dheireannach cìs na tìre dha-rìribh cho ìseal ri 8%.

Air na h-iomallan tha Noonan a’ cur a chomhairle ri a cho-mhinistearan Eòrpach agus a’ feuchainn ri sparradh orra dè cho cudromach ‘s a tha an ìre cìse do dh’fhàs eaconamas na h-Èireann agus do a comas airgead an iasaid-èiginn a phàigheadh air ais.

Tha Kenny a’ cur cuideim air a’ phuing seo mar an ceudna, le reitric fhurachail bhagarrach. Nochd a’ bhagairt seo sa chiad dol a-mach  sa Chlàr Riaghaltais a dh’aontaich Fine Gael agus Páirtí an Lucht Oibre. Thuirt an doicimead seo gu bheil pàirtidhean an riaghaltais ag aithneachadh gu bheil cunnart ann “gu bheil uallach fiachan an Stàit ag èiridh ann an dòigh do-ghiùlan.”

B’e sin a’ chiad chomharra gu robh an riaghaltas ùr a’ toirt am follais gu bheil uallach fiachan nam banc rò àrd, agus gu bheil seans ann nach gabhadh ais-ìoc a dhèanamh. Is e sgeul eadar-dhealaichte a tha seo bho reitric riaghaltas Fhianna Fáil agus a’ Chomhaontais Ghlais (am Partaidh Uaine).

Aig an àm ceudna tha Kenny a’ leigeil fios do a chuid cho-cheannardan san Eòrpa gu bheil muinntir na h-Èireann diongmhalta “ar cuid-ne a phàigheadh”. Tha e tuigsinn mura dèan Èirinn a’ chùis air seo gum biodh an Roinn Eòrpa ar fad air a chur ann an cunnart.

Air chul dhorsan dùinte an-diugh, tha e fiachainn ri sparradh air ceannardan na h-Eòrpa gur ionann ath-shlànachadh na h-Èireann agus ath-shlànachadh na h-Eòrpa. Agus ma dh’fhanas cùisean mar a tà, feumar diùltadh a dhèanamh air tearmaichean ais-ìoc an iasaid-èiginn.

Tha teagamh ann a thaobh meud a’ chroin a bhiodh an Eòrpa a’ fuiling ma thachras seo. Chan eil teagamh sam bith ann, ge-tà, gun dèanadh e cron air Èirinn. Bidh buaidh aig cùrsaichean poilitigeach nam ball-stàit eile air cruth a’ cho-dhùnaidh mu dheireadh. Tha an cuid dhuilgheadasan poilitigeach nàiseanta fhèin aca ar fad.

Tha Sarkozy airson a ìomhaigh mar fhear-stàit a mheudachadh ach an tig piseach air a thaic aig an taigh. Ach àrd-ghuthach ann no às, chan ann aigesan a tha an ceannas. Is ann aig a’ Ghearmailt agus ban-sheansaileir na Gearmailte, Angela Merkel, a tha an t-airgead. Feumaidh Merkel dèiligeadh ri luchd-bhotaidh geur-chùiseach na Gearmailte a tha fàs gearanach gu bheil an cuid airgid cruaidh-chosnaichte ga thoirt gu geall-chunntasairean mì-chùramach iomall na h-Eòrpa.

Diciadain thuit Riaghaltas na Portagail agus a dh’aithghearr bidh ise an treas tìr gu bhith lorg iasaid-èiginn. Cuiridh seo ris na h-argamaidean gu bheil an Eòrpa ar fad fo chunnart. Tha ceistean na h-Èireann air an cur dheth gu là eile leo.

Chan eil fhios dè thachras. Tha an cruaidh-chàs eaconamach air laigse mhòr an Aonaidh Eòrpaich a nochdadh: tha luchd-phoilitig nàiseanta ag iarraidh fuasgladh aontaichte Eòrpach a toirt gu buil. Tha seo fìor cuideachd a thaobh chùisean eile seach an eaconamas.

Tha tachartasan sa Libia air beàrn fhosgladh eadar a’ Fhraing agus a’ Ghearmailt. Agus tha easbhaidh ùghdarrais agus socrachaidh am measg nam ball-stàit Eòrpach a tha a’ gabhail compàirt sa cho-aontas mìleata. Nìthear oidhirp teannas eadar na dùthchannan a lùghdachadh agus reitric a lorg a nochdas gu bheil guth socair aontaichte aig an Aonadh Eòrpach.

Mairidh an Taoiseach Enda Kenny beò san Eòrpa an triop seo, ach nìthear tilleadh ri ceist na h-Èireann air a’ mhìos ri tighinn. Tha seans ann fhathast gum bidh co-rèiteachadh air choreigin a thaobh cùisean cìse, air neo dh’fheumadh Stàit na h-Èireann diùltadh a chuid fhiachan a phàigheadh.

Chan eil cinnt ann nach tachair a leithid san fhad-tèarma.

Gaelsceal.ie Dihaoine 25 Mart 2011

Eadar-theangaichte bhon Ghaeilge dhan Ghàidhlig le Fearghas MacFhionnlaigh