Cathraiche ùr do Bhòrd na Gàidhlig

0
760

[English translation below] Dh’fhoillsich Alasdair Allan, am Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànain na h-Alba an-diugh Cathraiche ùr Bhòrd na Gàidhlig .

’S e buidheann cànain nàiseanta a th’ann am Bòrd na Gàidhlig. Mar bhuidheann phoblach neo-roinneil (NDPB) stèidhichte fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha dleastanas aig a’ Bhòrd  dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig seasmhach san àm ri teachd, tuigse agus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus taic a thoirt do dh’fhoghlam agus cultar na Gàidhlig.

Thuirt an t-Oll Alasdair Allan:

“Tha mi uamhasach toilichte fàilte a chur air Iain Caimbeul mar Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig. Bheir e sgilean agus eòlas sònraichte chun a’ Bhùird aig àm far a bheil iad a’ lìbhrigeadh amasan a’ Phlana Nàiseanta.

Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla le Iain san àm ri teachd.”

Boinidh Iain Caimbeul do dh’Uibhist a Deas bho thùs agus tha e fileanta sa Ghàidhlig. An-dràsta, tha e na Àrd Mhanaidsear Phroiseactan aig Soillse, am pròiseact a tha an-sàs ann an rannsachadh ceangailte ri glèidheadh agus ath-bheathachadh na Gàidhlig tro chòm-pàirteachas eadar diofar Oilthighean.

Tha eòlas aige air a bhith na àrd mhanaidsear agus neach-rannsachaidh le Ceumannan ann an Eaconamas Roinneil, Gnothachas Rianachd agus Leasachadh Dùthchail. Bidh e a’ riochdachadh Bòrd na Gàidhlig air Bòrd MG ALBA agus tha e na Bhall de Chomhairle Èisteachd a’ BhBC airson Alba.

Mairidh an dreuchd airson ceithir bliadhna bho 4 Màrt, 2013 gu 3 Màrt, 2017.

Tha an dreuchd  pàirt-ùine agus le turasdal  £12,400 mu choinneamh gealltanas de cheithir latha frithealaidh sa mhìos.

Tha Iain Caimbeul na Bhall de MG Alba le turasdal £4,987 gach bliadhna.

Tha an dreuchd seo air a bhuileachadh a rèir Còd Cleachdaidh Coimiseanair Dhreuchdan Poblach na h-Alba.

Tha an dreuchd ga chur air adhart  tro airidheachd agus chan eil pàirt sam bith aig eòlas poilitigeach sa phròiseas taghaidh. Ach, ann an co-chòrdadh ri molaidhean tùsail Nolan, tha e riatanach gum bi gnìomhan poilitigeach an taobh a-staigh nan còig bliadhna mu dheireadh, a thaobh an fheadhainn a chaidh a chur an dreuchd, air am foillseachadh don phoball (ma tha gin ann). Chan eil Iain Caimbeul air gnìomhachd poilitigeach sam bith a thoirt am follais a thaobh nan còig bliadhna mu dheireadh.

 

Bòrd na Gàidhlig Cathriache appointment

Scotland’s Languages Minister Alasdair Allan today announced the appointment of a new Cathraiche (Chair) to Bòrd na Gàidhlig.

Bòrd na Gàidhlig is the national Gaelic language body. It is a statutory Non Departmental Public Body established under the Gaelic Language (Scotland) Act 2005 and is responsible for safeguarding the future of Gaelic in Scotland; for promoting the use and understanding of the Gaelic language and for developing and supporting Gaelic education and culture.

Dr Allan said:

“I am delighted to welcome Iain Campbell as Cathraiche of Bòrd na Gàidhlig. His knowledge and expertise will be invaluable to the board as they deliver the aims of the National Gaelic Language Plan and build a sustainable future for Gaelic.

“I look forward to working with Iain and the bòrd in the coming months.”

Iain Campbell is a native Gaelic speaker, originally from South Uist.  He is currently the Senior Project Manager of Soillse, an inter-University partnership project involved in a range of research areas associated with Gaelic language maintenance and revitalisation.

He is an experienced senior manager and researcher with Masters Degrees in Regional Economics, Business Administration and Rural Development.  He also represents Bòrd na Gàidhlig on the Board of MG ALBA and is a member of the BBC Trust Audience Council for Scotland.

This appointment will be for four years and will run from March 4, 2013 to March 3, 2017.

This appointment is part-time and attracts a remuneration of £12,400 per annum for a time commitment of four days per month.

Iain Campbell is a Member of MG Alba for which he receives a remuneration of £4,987 per annum.

This appointment is regulated by the Public Appointments Commissioner for Scotland.

All appointments are made on merit and political activity plays no part in the selection process. However, in accordance with the original Nolan recommendations, there is a requirement for appointees’ political activity within the last five years (if there is any to be declared) to be made public. Iain Campbell has had no political activity in the last five years.