Dè tha an dàn do Sarkozy?

3
722

Litir o Phàras le Oilibhear Ó Fearraigh

http://www.gaelsceal.ie/

Didòmhnaich sa chaidh bha muinntir na Frainge a’ bhòtadh airson an triop mu dheireadh mus tachair taghadh a’ chinn-suidhe an ath-bhliadhna. Uill, cha deach ach 44% aca amach a bhòtadh, rud a bha na bhriseadh-dùil do luchd-poilitigs san fharsaingeachd agus a tha na chùis-smuaine dhan duine as cumhachdaiche san tìr, an Ceann-suidhe Nicolas Sarkozy.

Cha d’fhuair an UMP (Union pour un Mouvement Populaire), partaidh Sarkozy, ach 20% de na bhòtaichean san taghadh Cantonale (taghadh a bhuineas ri ùghdarrasan ionadail).

B’e seo a’ bhreith a bu chruaidhe gu ruige seo air riaghladh ceithir bliadhna Sarkozy. (Cumamaid air chuimhne gu bheil ceannard na stàite fo shiostam na Poblachd sa Fhraing tòrr nas cumhachdaiche na mar a bhios e ann an tìrean eile na h-Eòrpa).
Is iad na Sòisialaich a fhuair a’ chuid a bu mhò dhe na bhòtaichean, 36%, agus tha tuilleadh “départments”, cèarnaidhean rianachaidh, fo smachd aca. Ach, nas cudromaiche a-rithist a thaobh an UMP, chaidh gu math leis an Front National, dearg luchd-leanmhainn na sgèithe dheis. Thàinig iadsan san treas àite le 11% dhen bhòta.

Canaidh mi “nas cudromaiche” a chionns gu bheil ban-cheannard an Front National, Marine Le Pen (a ghabh àite a h-athar, Jean-Marie, ann am Faoilteach am bliadhna) na fìor-bhagairt dhan UMP. A rèir an dà shuirbhidh as deireannaiche, tha tòrr nas mò taic aig Le Pen na th’aig Sarkozy. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil cunnart ann gun tèid Sarkozy a chur mach às a’ rèis ann an ciad chuairt taghadh a’ chinn-suidhe sa Ghiblean 2012.

A rèir suirbhidh eile, tha 72% de mhuinntir na Frainge dhen bheachd nach bi Nicolas Sarkozy na Cheann-suidhe an ceann bliadhna. Is e rud ìoronta tha sin oir tha mòran dhaoine dhen bharail gun do bhuannaich Sarkozy taghadh 2007 taing do bhòtaichean a chaill Jean-Marie Le Pen nuair a ghabh Sarkozy ri poileasaidhean stèite air na prìomh-cheistean a thog Le Pen: eucoir, tèarainteachd agus in-imirce.

A-nis, ceithir bliadhna air adhart, agus a dh’aindeoin a phoileasaidhean cruaidh air na ceistean seo, cha lèor e. Tha a’ bhuannachd a’ dol don Front National seach do phartaidh Sarkozy.

Chuir Sarkozy air bhog deasbaireachd air dearbh-aithne nàiseanta o chionn dà bliadhna, gnìomh air iomrall a rèir mòran a shaoil gu robh cunnart ann gum biodh inbhe “nas Fràngaiche” air a buileachadh air a’ mhuinntir ghil. Chaidh am plana seo a thrèigsinn gu sàmhach as dèidh connsachadh a bhith ann car greis.

An t-seachdain-sa tha an UMP ag iarraidh deasbad eile a thòiseachadh, an triop seo air seiciularachas (di-chràbhachas) ann an coluadair na Frainge. O chionn 1905, tha sgaradh soilleir air a bhith ann eadar an stàit agus an cràbhadh, lagh ris a bheil na cràbhaidhean eugsamhla a’ gabhail agus dhan a bheil iad a toirt spèis. Ach Diluain-sa chaidh thàinig ceannardan bho shia phrìomh-chreidimhean an ceann a chèile (na trì aidmheilean Crìosdail, còmhla ris a’ Ghiùdachas, Ioslam agus a’ Bhùdachas) gus an deasbaireachd air an t-seiciularachas a chàineadh.

Is e as adhbhar dhan a seo, ar leothasan, gu bheil tòrr luchd-poilitigs ann – mu sheasgad ball an UMP san àireamh – a chumas a-mach gur e cùis-iomagain a th’anns an Ioslam. O chionn greis chaidh casg a chur air caitheamh an niqab ann an àiteachan poblach – còmhdach a chaitheas a’ mhòr-chuid de bhoireannaich Moslamach san Ear Mheadhanach ar an gnùis. Chan fhaicear niqab ach air àireamh glè bheag de bhoireannaich sa Fhraing. Is e lagh poilitigeach a th’anns a’ chasg seo, tha iad a’ cantainn.

Tha leisg air a’ Phrìomhaire, François Fillon, pàirt a ghabhail ann an deasbaireachd an UMP agus Sarkozy air a’ cheist seo. Nuair a chaidh Sarkozy a thaghadh ann an 2007, bhathar ag ràdh gum biodh a chuid bharailean ag adhbharachadh sgoiltidhean eadar daoine. As dèidh dà bhliadhna cruaidh aig eaconamas na Frainge, is beag nach eil a thaic air shìoladh. Dh’fhaodadh an ath thaghadh a bhith na bhaoth-chluich poilitigeach. Chan eil deagh thrum air na Sòisialaich nas mò. Chan eil mòran àrd-smuain a’ nochdadh bhon dithis phrìomh-thagraichean, Martine Aubry agus François Hollande, agus ged a tha spèis mhòr aig an t-sluagh air Dominique Strauss-Kahn, am beachd luchd a’ phartaidh, chaith e cus ùine air an sgèith dheas mar cheannard air a’ Chiste Airgeadais Eadar-nàiseanta (IMF).

Mura dèan Sarkozy a’ chùis ann an darna cuairt taghadh a’ chinn-suidhe an ath-bhliadhna, is e fhèin as coireach. Bheir e a’ bhuil de staing a chruthaich e fhèin.

Tùs-aiste (Gaelscéal t.d. 6): Cad atá i ndán do Sarkozy?
Eadar-theangaichte bhon Ghaeilge dhan Ghàidhlig le Fearghas MacFhionnlaigh

This article suggests that Sarkozy probably won’t survive the next presidential election.