Dùbhlan an aghaidh cleachdadh na Catalanais san Aragon

0
613

Eadar-theangachadh Gàidhlig le Fearghas MacFhionnlaigh
Click here tae read this airticle in Scots
Click here to read this article in English

Uaireannan bidh farmad aig luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Beurla Gallda ris an inbhe agus ris an ìre-chleachdaidh a chaidh a chosnadh leis a’ mhion-chànan eile ud, a’ Chatalanais. Ma bhuannaich a’ Chatalanais tèarainteachd sam bith, ge-tà, is ann a-mhàin taobh a-staigh na Catalùinia fhèin. Ach tha coimhearsnachdan neo-eisimeileach eile am broinn stàit na Spàinne far a bheil a’ Chatalanais ga labhairt gu farsaing, agus tha seasamh caran nas cugallaiche aig a’ chànan sna h-àitichean sin.

A’ cumail crìche ri Catalùinia air a taobh an iar tha Coimhearsnachd Neo-eisimeileach na h-Aragoin far a bheil suidheachadh casta ann a thaobh chànanan. Air feadh na cuid as mò den Aragon tha Spàinnis Chaistìleach air choreigin ga labhairt, ach fad na crìche le Catalùinia tha stiall de thìr ris an canar Franja far a bheil Catalanais aca mar chànan làitheil, fhads sna glinn Phirinìtheach bruidhnear tè de na dualchainntean sònraichte air a bheil Aragonais mar cho-ainm.

Thar nan deicheadan a chaidh seachad bha oidhirpean ann gus litreachadh agus ceart-sgrìobhadh cunbhalach a chur air chois airson Aragonais. Mar sin tha aontas am measg luchd-cànanachais gur e cànan fa leth a th’ anns an Aragonais.

A’ gabhail ris an eugsamhlachd seo san Aragon, chaidh lagh a dhèanamh leis an riaghaltas a dh’fhalbh a-chum cleachdadh na h-Aragonais agus na Catalanais a dh’aithneachadh sna sgìrean ud far a bheilear gan labhairt, agus a-chum ìre de thaic oifigeil a thairgsinn do na cànanan seo.

Anns na taghaidhean ùra Spàinnteach thàinig atharrachadh air iomadach riaghaltas sgìreil agus ionadail air feadh na dùthcha. Bha tòrr luchd-bhòtaidh nach robh air an dòigh le co-dhùnaidhean eaconamach a’ phàrtaidh PSOE a tha ann an cumhachd ann am Madrid. Thionndaidh iad a-rèiste sna taghaidhean sgìreil agus ionadail ris a’ phrìomh-phàrtaidh dhùbhlanaich, am Partido Popular glèidhteach. Sa choimhearsnachd neo-eisimeileach de Aragon, ghabh am Partido Popular smachd air riaghaltas na roinne, le taic bhon chàirdean sa Phartido Aragonés Regionalista, a bhuineas ris an sgèith dheis.

Canaidh ceannardan ùra na h-Aragoin gum mùch iad an lagh cànanach a tha am bith an dràsta, a’ cur às don inbhe a th’aig Catalanais agus Aragonais. Tha reachdas ga thoirt gu buil leis an riaghaltas ùr “poileasaidh-obrach a thaobh gleidheadh agus arach ar modhan cànanach” a dh’adhartachadh. Chan eil iad a’ soillearachadh gu dè a th’anns na “modhan  cànanach” a tha seo. Gheall manaifèasto na PP cuideachd gum biodh inbhe shònraichte air a toirt don Spàinnis Chaistìleach mar “chànan choitchinn na h-Aragoin”.

Tha an gluasad seo a’ stialladh air falbh bhon Chatalanais agus bhon Aragonais an cuid inbhe mar chànanan a tha aithnichte gu h-oifigeil. A bharrachd air sin tha e a’ bagairt an lùghdachadh gu dualchainntean ri linn aithneachaidh a thoirt a-mhàin do sreath de mheanbh-chainntean sgìreil, gun spèis a thoirt don cho-theacsa chànanach san fharsaingeachd. Is e a’ bhuaidh a bhios aig a seo gun tèid casg a chur air cleachdadh oifigeil sam bith nan cànanan seo, a’ cuingealachadh gu mòr an cleachdadh ann am foghlam.

Tha an soisea-chànanaiche Natxo Sorolla air rannsachadh a dhèanamh air suidheachadh cànanach nan sgìrean Aragonach far a bheilear a’ labhairt Catalanais. Rinn e soilleir ann an aithisg o chionn goirid gu bheil poileasaidh na PP ann an Aragon gu tur an aghaidh dà-chànanais agus chan eil iad a’ cleith gu bheil iad a’ cur romhpa aon-chànanachas Spàinnis a spàrradh air an tìr.

Tha còirichean cànanach Catalanach air adhartas mòr a dhèanamh thar nan deicheadan, ach airson tòrr luchd-labhairt na Catalanais tha an strì airson aithneachadh a’ chànain aca a’ leantainn air fhathast.