Eachdraidh Ùr na h-Alba Pàirt 1: Cò a bh’ anns na Cruithnich?

1
1262

le Stuart McHardy, eadar-theangaichte don Ghàidhlig le Robbie Greig

Click here tae read this airticle in Scots
Click here to read this article in English

Thar na fichead bliadhna a chaidh seachad, tha ùidh a’ phoblach anns na Cruithnich air meudachadh, sin agaibh na daoine àrsaidh a bha fuireach an Alba nuair a thug na Ròmanaich ionnsaigh bho Sasainn. Tha tòrr dhiofar beachd-smuain againn an-diugh a thathar air cruinneachadh thar nan linn ag aithris air cò bh’anns na Cruithnich is cò às an d’thàinig iad. Le ceumannan mòra gan dèanamh ann an àrc-eòlas is a leithid bho chionn goirid, tha againn a-nis beachdan nas soilleir na bh’ againn san àm a chaidh seachad. ‘S dòcha co-dhiù.

Bu chòir dhuinn tuigsinn nach d’ fhuair na Cruithnich an ainm bho na Ròmanaich. Innsidh gach pìos fianais dhuinn gur e ‘Pech’ no ‘Pecht’ a bh’ orra, ainm a th’air a bhith cumail beò le beul-aithris. Nuair a chleachd na Ròmanaich am facal ‘Pict’ (anns an pàipear a tha a’ bruidhinn air na Cruithnich airson a’ chiad uair, ‘s ann a tha e air a sgrìobhadh mar ‘Picti’ dà uair is mar ‘Pecti’ aon uair) bha iad a’ bruidhinn air na daoine treubhach a bha fuireach air tuath balla Hadrian, chan ann dìreach tuath air balla Antonine, a sruthaich eadar Uisge For is Uisge Chluaidh.

Aon dhe na duilicheadasan le ar eachdraidh ‘s e gun robh na Ròmanaich taobh a deas air balla Hadrian airson còrr is ceithir linn, fhad ‘s nach robh fiù ‘s còig-deug bliadhna aig an saighdearach aca aig aon àm ann an Alba.  Ach, bidh eachdraichean gu math tric ag innse gun robh a bharrachd Ròmanaich ann an Alba, airson ùine nas fhaide na bha iad gu fìor, ‘s iad ‘s dòcha air an stiùireadh le beachdan air an Impire Breatannach.  Bu chòir dhuinn cuimhneachadh: ged a fhuair iad Sasainn fo smachd, cha d’ fhuair iad smachd air Alba.

Tha am fianais a th’ againn a’ sealltainn gun robh na Cruithnich càirdeach ri na daoine dùthchasail an Alba – cinnidhean de laoch is daoine-cogaidh a bha fuireach ann an eaconomaidhean teachd-an-tìr a bha stèidhte air a bhith togail crodh. Dh’ fhàg na Ròmanaich Breatainn aig toiseach an 5mh linn, is bha a-nis an còmhnaidh brùthadh air na Cruithnich bho dhaoine ann an Northumbria, air taobh a tuath Sasainn, àite a bha fàs gu luath.

Thug seo air gach cinnidh a bha fuireach air taobh a tuath a bhith gluasad chun a mheadhan. Tha seo ‘s dòcha a’ toirt dearbhadh dhuinn air adhartas Gododdin ann an taobh an ear Alba a’ deas, fhad ‘s a bha daoine air taobh an iar, cho fada tuath ris a’ Chluaidh, a’ tighinn am follais mar na Breatannaich dhe Strathchluaidh. Ann an tuath Alba, chùm na cinnidhean an ainm sheann ‘Pict’, is ‘s e seo, thar tòrr ùine, far an do dh’ fhàs rìoghachd eachdraidheil nan Cruithnich.

Is cinnteach gun do bhruidhinn na daoine seo cànan a bha coltach ri Cuimrigheach Sheann. Air taobh an iar, bha cinnidheach eile ann, na ‘Scots’, a bhruidhinn diofar sheòrsa cànan ceilteach a tha an-diugh fhathast beò mar Gàidhlig na h-Alba. Cha bhiodh e ceàrr a’ smaoinntinn gun robh na cinnidhean seo càirdeach ri chèile.

Tha rannsachadh ùr a’ sealltainn gun robh na ‘Scots’ dùthchasach do dh’ Alba, dìreach mar na Cruithnich, is nach d’ thàinig iad à Èirinn anns an 5mh no 6mh linn. Tha sgeulachdan mar seo fhathst beò air sgàth misinearaidhean tràth, a bha airson cliù Colm Cille is a chàirdean a thogail, is iad, gu follaiseach à Èirinn. Sgaoil am misean o Dàil-Riata, is an àm ghoirid, bha a h-uile duine an Alba nan Crìosdaidhean. Bha na comharraidhein dhen seann chreideamh ann airson ùine mhòr, is ‘ dòcha nach eil iad air a rachadh à sealladh fhathast.

Às an 7mh linn, thàinig Angles à Northumbria gu math faisg air Alba gu lèir a’ thoirt, ach chuir na Cruithnich stad orra aig Blàr Dunnichen an 685. Thug am blàr seo dhuinn ùrlar airson cruthachadh Alba. Tha Dunnichen a’ sealltainn dhuinn dè cho mi-shoilleir ‘s a tha ar eachdraidh san làth an-diugh, le daoine a’ deasbad an do thachair e faisg air Baile Fharfair neo An Aghaidh Mhòr.

Air sgàth diofar adhbhar, ach gu h-àraidh ionnsaigh bho taobh a deas, chan eil mòran ùghdarran tràth eachdraidheil againn an Alba, is feumaidh sinn coimhead ann an àitichean eile airson clàran follaiseach dhen ùine seo. Às na linn às dèidh Dunnichen tha clàran dhe blàr no dhà ann bhon sgìre sin, uaireannan eadar Cruithnich is Albannaich, eadar Cruithnich is Breatannaich, Breatannaich is Albannaich, is uaireannan eadar na Cruithnich fhèin.

Chithear uaireannan na blàran eadar Chruithnich air an riochdachadh mar strì airson uachdaranachd, ged a bha e dìreach airson diofar cheannardan dhe na treubhan a bh’ aca. Chuir na Ròmanaich an cèill gun robh na Cruithnich beò-ghlacta air a bhith ruathar, ruideigin a chluinnear ann an Lunnainn is an Dùn Èideann cho anmoch ris an 18mh linn. Tha fianais ann a tha ag innse gun robh na Cruithnich a stiùireadh nan Albannaich is gun robh na Albannaich a’ stiùireadh nan Cruithnich aig àmannan eile.

Tha seo a’ sealltainn dè cho dlùth ‘s a bha an dà sluagh. Nuair a thòisich na ruatharan Lochlannach anns an 9mh linn bha dhà no trì uair ann mar tha nuair a bha an aon rìgh aig an dà sluagh, ged a feumar cuimhneachadh gun robh am facal ‘rìgh’ air a chleachdadh le sgolaran bìoballach is clasaigeach nach robh ‘s dòcha anns na cinnidhean.

Tha seo a’ ciallachadh nach eil sinn cinnteach gu robh na fir seo nan rìghean fìor. Nuair a thàinig na ionnsaighean mòr seo à Nirribhidh, chì sinn ciall gu leòr ann an aonachadh eadar na Cruithnich is na h-Albannaich. Thàinig na Lochlannaich faisg air a bhith toirt Alba gu lèir, is airson linntean bha Innse Ghall, na h-eileanan tuath, is a’ mhòr-chuid dhen a Ghàidhealtachd fo an smachd. Airson ùine mòr bhathar a’ smaoinntinn gun robh na Cruithnich air an ceannsachadh le na h-Albannaich, ach tha daoine a-nis a’ smaoinntinn gun d’ thàinig iad ri chèile ann an dòigh sìtheil. Thathar fiù ‘s a-nis a’ smaointinn gun robh Kenneth MacAlpine, a’ chiad rìgh an Alba, na Cruithneach cuide ri bhith na h-Albannach. Bhon 9mh linn, ‘s e Alba a bh’ aca air an dùthaich seo, is ged a rach cànan nan Cruithnich à sealladh às an 12mh linn, tha na Cruithnich fhathast còmhla rinn, neo tha an gineal.

Aig aon àm bha Albannaich nan Cruithnich cuideachd.

Pàirt 2 an ath-sheachdain

Is e sgrìobhadair agus seanachaidh a th’ann an Stuart McHardy, agus ùghdar an leabhair A New History of the Picts foillsichte le Luath Press ann an 2011.