le Stuart McHardy
Click here tae read this airticle in Scots
Click here to read this article in English
Seo ainm sgrìobhaidh a dh’fhoillsich Eòghann Caimbeul Oilthigh Ghlaschu ann an 2001 ann an Antiquity. Tha a’ mhòr-chuid de eachdraidhean na h-Alba toilichte a ghabhail gun tàinig na Gàidheil, treubhan Gàidhlig Rìoghachd Dhail Riada, à Uladh mun bhliadhna 500 CE. Is e fear de fhactaidhean na h-eachdraidh air a bheil fhios aig a h-uile duine – agus sin a’cheist – tha fhios aig a h-uile duine, ach dè ma tha a h-uile gin ceàrr?
le Stuart McHardy
Click here tae read this airticle in Scots
Click here to read this article in English
Seo ainm sgrìobhaidh a dh’fhoillsich Eòghann Caimbeul Oilthigh Ghlaschu ann an 2001 ann an Antiquity. Tha a’ mhòr-chuid de eachdraidhean na h-Alba toilichte a ghabhail gun tàinig na Gàidheil, treubhan Gàidhlig Rìoghachd Dhail Riada, à Uladh mun bhliadhna 500 CE. Is e fear de fhactaidhean na h-eachdraidh air a bheil fhios aig a h-uile duine – agus sin a’cheist – tha fhios aig a h-uile duine, ach dè ma tha a h-uile gin ceàrr?
Tha Caimbeul ag ràdh nach eil iomradh air teachd nan Gàidheal à Èirinn gu dà cheud bliadhna na dèidh. Bu chòir dhuinn bhi a’ cuimhneachadh nach robh guth air litreachas ann an Alba roimh theachd na Crìostaidheachd. Gu dearbh tha sin a’ minigeadh teachd Chaluim Chille a chuir an abaidh aige air bonn mu 563.
Tha Caimbeul a’ coimhead air dearbhadh seach sgrìobhaidhean. Tha e a’ cur as leth nach eil dearbhadh airceòlasach, ann an togalaichean no ann an rudan, a dhèanadh taic don smuain gun do ghabh briseadh a-steach à Uladh àite riamh. Tha e ag innse dhuinn cuideachd nach eil dearbhadh ann gun robh ainmeannan-àite roimh-Ghàidhlig no Cruithnich mun cuairt air prìomh-bhaile nan Gàidheal (Dùn Fhad) ann an Gleann Chill Mhairtin, mar a bhitheadh dùil againn, nan robh buidheann eile de luchd-àitich air a chur nan àite. Tha e a’ creidsinn nach eil a leithid de dhearbhadh ri fhaotainn.
Mar sin tha sinn ann an suidheachadh far nach eil dearbhadh eachdraidheil às an àm sin. Bheir Adomnan, ‘s e a’ sgrìobhadh deich bliadhna air fhichead ro Bheada, sgeul dhuinn air freumhan Èireannach nan Gàidheal, gun iomradh a dhèanamh de bhriseadh a-steach. Tha coltas ann nach eil dearbhadh creideasach airson ionnsaidh nàimhdeil, fear de na clachan-oisinn de na tha sinn a’ faicinn mar eachdraidh na h-Alba. Ciamar a thachair sin? Ma bhios sinn a’ gabhail ris an t-sanas aig Caimbeul – tha an t-airteagal air loidhne aig www.electricscotland.com/history/articles/scotsirish.htm – dè bha a’ dol?
Tha e soilleir a rèir an rannsachaidh ùir gu bheil an seann bharail ceàrr gur e bacadh gluasad nan daoine a bha anns a’ mhuir – bha na maraichean coltach ri rathad mòr. Is dòcha nach eil e cudromach gu bheil Èireann ri fhaicinn à Arainn, Cinntìre sa Ghalltachd a deas agus à pàirtean eile na h-Alba. Mar sin bhitheadh e gòrach a chreidsinn nach robh conaltradh thar caol na mara. Bha a leithid de chonaltradh air dol rè mìltean de bhliadhnaichean ro àm Chaluim Chille agus is dòcha gum bu chòir dhuinn bhi a’ smaoineachadh air coltas comainn stèidhichte air co-chomann leis an uisge air dà thaobh an Dìg.
Bidh Caimbeul a’ dol nas fhaide agus tha e a’ cur às leth gur ann bho Alba gu Èireann a tha am buaidh as cudromaiche. Ach carson a bheireadh duine oirnn creidsinn gur ann à tìr eile a thàinig fear de na pobaill dhùthchasach, agus is e co-dhùnadh cinnteach, ma tha Caimbeul ceart. Bu chòir dhuinn foighneachd dhuinn fhèin ‘cui bono’ – cò aige tha an tairbhe?
Is e clèireach Crìostaidh a bha ann am Beada air thòiseach. Ma chì sinn Calum Chille mar fhear-suidheachaidh na Crìostaidheachd ann an Alba, a’ neartachadh na h-uachdranachd Eireannaich ‘s e neartachadh an t-suidheachaidh Chriosdaidh. Ma smaoineachas tu gun robh iomraidhean air cleachdaidhean pàganach ann an Alba gu ruige an seachdamh linn deug tha e coltach gun robh tuilleadh anns an ochdamh linn. Bha gu leòr de phàganaich a’ dol mun cuairt – na Lochlannaich!
Ach tha taobh eile gu math cudromach ann a bhios air a dhearmad. Tha Dùn Fhad, prìomh-bhaile Dhail Riada, suidhichte ann am meadhon Gleann Chill Mhairtinn, fear de na sean-dùthchannan naomha as cudtromaiche ann an Eòrpa, àite far an robh adhradh roimh-Chrìostaidh rè mìltean de bhliadhnaichean mun deach Calum Cille a chur às an tìr a chionns gun d’ rinn e aimhreid am measg a mhuinntir fhèin. An uair sin is e polasaidh na h-Eaglaise àite pàganach a ghabhail agus eaglaisean a thogail air na h-àiteachan sin, ach cha ghabhadh sin a dhèanamh leis a’ Ghleann air fad. Nan robh na Gàidheil dùthchasach gu dearbh an sin, is ann acasan a bhitheadh beul-aithris agus is anns a’ chùram aca a bhitheadh na cùirn, na cearcaill, na clachan agus ealdhan nan leac anns an dùthaich sin. Agus is ann anns a’ cheathramh mhìleachd BCE a chaidh na clachan a thogail an sin.
Innse sgeul nach tàinig muinntir an àite ach dà ghinealach ro Chalum Chille agus bhriseadh sin ceangal ris an linn a thrèig. Agus is ann sgrìobhte a bha an sgeul ùr sin, ged a dh’fheumadh ùine gus an do ghabhadh ris. An dèidh an uiread ùine chan eil e soilleir ciamar a thachair a h-uile rud, is dòcha gu bheil e ceart agus tha e socrachadh an sean-fhacal gur e na buadhairean a bhios a’ sgrìobhadh an eachdraidh. Ma thuigeas tu gun robh na Gàidheil dìreach cho dùthchasach ris na Cruithnich, thuigidh tu cuideachd carson a rinn iad ionnsaigh ceangailte an aghaidh Balla Adrian agus na dùthcha a tha air an taobh thall ann an 360 CE, air an robh The Barbarian Conspiracy aig na Ròmanaich.
Tha Beada ag innse dhuinn cuideachd gun do dh’àitich na Cruithnich ann an Alba a rèir comhairle a fhuair iad bho na h-Eireannaich, agus gun tug iad mnathan dhaibh cuideachd. Faodaidh tu sin fhaicinn mar ‘spin’: Meudachadh na h-Eireann agus lughadh pàirt a chluich tuath dùthchasach na h-Alba. Is ann a Eilean Ì a bha na manaich a dh’iompaich an Northumbria a bha aig Beada. Agus ann am beachd Bheada bha earrann na h-Eaglaise a bu chudromaiche. Cha dèan sin droch-dhuine e, ach is e droch-eachdraidh a thàinig bhuaidh.