Là mòr don SNP agus do na Gàidheil?

3
818

le Griogair Labhruidh

Buaidh mhór an SNP ann an taghadh Holyrood agus dè as ciall don a seo do na Gàidheil.

Anns a’ bhliadhna 1934 chaidh buidheann ùr len abradh iad an ‘NPS’ a chuir air bruthach. Chinn a’ bhuidheann a’ seo, ùidh air n-ùidh, gus an deachaidh an aithneachadh mar ‘Phàrtaidh Nàiseanta na h-Albann’ (SNP) agus fad fiaraidh nam bliadhnaichean mòra sin tha gach ball is fear-taic air a bhith a’ strì gun sguir airson an toradh a thàinig a-mach à taghadh na Pàrlamaid air feasgar dihaoine seo chaidh. Fa dheòidh, do bhrìgh gun do bhuainich am pàrtaidh am mòr-thomhais de shuidheachan, tha làn-chothrom aca air cunntas-bheachd a chumail air neo-eisimeileachd na h-Albann.

Fìor adhartas dha-rìreadh! Ach dè is brìgh don bhuannachd ghlòrmhor a’ seo do Ghàidheil na h-Albann?

Tha Ailig Salmond a-nise a’ toiseachdinn air an dàrna teirm aige mar Phrìomh Mhinisteir na h-Albann agus chan eil teagamh nach eil ar cànan fhathast ann an eatorras. Ged a tha an SNP a’ feuchainn ri fada a bharrachd a dhèanamh airson a’ chànain na tha gin de na buidheannan Aonachdach, ‘s e mo mhòr-bheachd-sa gum faodadh iad a bhith a’ dèanamh beagan tuille, chan ann a-mhàin airson na Gàidhlig, ach airson dùthchas nan Gàidheal san fharsaingeachd.

Mar sin fhèin, dè tha san amharc aig an SNP airson na bliadhnaichean air thoiseachd? An seo, dearcaidh mi a-mhàin air na tha an rùn daibh don Ghaidhlig anns a’ ghairm-fhollaiseach a chuir iad a-mach ron taghadh (nach eil, ‘s imear mi ag ràidhinn, ri fhaodainn anns a’ Ghàidhlig air an eadar-lìon).

A thaobh foghlaim, tha e ag innse gun dèan iad ‘sgrùdadh air ciamar a bheir iad a-staigh còir air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig far a bheil fèill riantanach ann. Tuille rannsachaidh agus sgrùdaidh? Nach ann bitheanta a chì sinn na facail ud ceangailte leis a’ chànain Ghàidhlig? Fèill riantanach? ‘S e ‘s ciall do sin gum feum àireamh shònraichte de phàrantan a bhith ann agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhìth airson an cuid-cloinne anns a’ choimhearsnachd mun tèid ‘sgrùdadh’ a dhèanamh airson sgoil Ghàidhlig, no mar is bitheanta aonad Gàidhlig am broinn sgoil Bheurla a chuir air bruthach.

Gasta gu leòr – ach tha duilleachas agam mu dheidhinn na fèill riantanaich a’ seo.

‘S e tha a’ cur mòr-bhacadh air an fhèill riantanaich nam bheachd-sa gu bheil fìor dhì-mhisneachd am measg nan Gàidheal fhèin anns a’ chultair Ghàidhealach. Tha a chuid-mhòr de Ghàidhealtachd na h-Albann (taobh a-mach de na h-Eileanan an Iar) a-nise Galldaichte tro eilthireachd nan Gàidheal, an cron a rinn foghlam Bhreatainn agus an sìor-thaomadh a-staigh de chleachdanan (agus sluagh) à Galldachd agus Sasainn. Tha mòran de na Gàidheal a tha fhathast anns na dùthchanan a’ sin deàrr-làn le beul-aithris is dual-chainnt bheartach a tha ann an cunnart a dhol às. Gu driod-fhortanach ge-tà, mar as bitheanta, cha tèid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thabhann anns na h-àiteanan a’ sin idir, ‘s ma thèid, chan e an dual-chainnt no an dualchas a bhuineas don àite a bhios ga bhrosnachadh.

Dè na nithean is urrainn don SNP a bhith a’ dèanamh mu dheidhinn nan linntean de chruaidh-gheur-leanmhainn agus eile a tha a’ cur stad air fèill riantanaich airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus air fèin-mhisneachd?

Dh’fhaoidte gun tog corra Ghàidheal òg misneachd às na clasaichean ‘Scottish Studies’ a chaidh a ghealladh anns a’ ghairm-fhollaiseach, ‘s iad air am mìneachadh mar ‘… a distinct strand of learning focused on Scotland and incorporating Scottish History, Scottish Literature, the Scots and Gaelic languages, wider Scottish culture and Scottish current affairs.’

Dh’fhaodadh gum biodh an iomairt a’ seo fìor shoirbheachail ach tha e na chomann orm ag ràidhinn gun do chlisg mi nuair a chunnaic mi am facal ‘Scots and Gaelic languages’ air an tarraing le chèile anns an aon anail. Tha Alba airson a’ mhòr-chuid dealaichte na dà leth a thaobh chultair agus cànan, Alba nan Gàidheal agus Alba nan Gall. Cha tèid mi nas fhaide a-staigh don sgaradh a’ seo ach a bhith ag innse gur e fìor bhriseadh-dùil a bhiodh ann domh-sa nam biodh cainnt agus eachdraidh nan Gall fhathast gan teagaisg air a’ Ghàidhealtachd mar a bha iad fo Shasainn. Tha dualchas, eachdraidh agus litreachas na Gàidhealtachd (eadhon ann an àiteanan a tha làn-Ghalldaichte mar sgìre Loch Laomainn) beartach agus iomadh-fhillte gu leòr leotha fhèin às eugmhais dualchas nan Gall.

A’ dearcadh a-rìthist air a’ ghairm-fhollaiseach, chìthear gu bheil ‘Gaelic Action Plan’ anns an amharc aca gus an uimhir de luchd-bruidhinn na Gàidhlig a chuir air fheabhas chor ‘s gum bi iad co-ionnan ri àireamhan 2001 ron bhliadhna 2021. Mu choinneamh sin tha e ag innse gu bheil a dhith orra ‘inbhe na Gàidhlig a thogail air feadh na h-Albann’ agus ‘taic a thoirt do na dùthchanan Gàidhealach as làidire le a bhith a’ cur a’ chànain gu feum mar chànan nan coimhearsnachd’.

Bu ghasta leam fhìn a bhith a’ faicinn oidhirpean anns a h-uile ceàrn Ghàidhealach ‘s chan ann dìreach anns na crìochan as làidire, oir tha dual-chainntean agus dùthchas prìseil anns gach sgìre Ghàidhealach ann an Alba a tha làn-àraidh air cùram a dh’aindeoin na àireimh de dhaoine aig a bheil iad. Saoil leam-sa gum b’ e dleastanas ar ginealach-sa a bhith a’ dèanamh cinnteach nach tèid iad às ann an àiteanan mar Earra-Ghàidheal mar shamhla.

A thaobh nan ceàrn anns a bheil an cànan air a bruidhinn as bitheanta, tha mi an dòchas nach ann falamh a tha geallaidhean an SNP oir cha lèir dhomh gun gabhadh leasachadh a dhèanamh a’ sin mur a cuir iad stad air mòr-eilthireachd nan òg. Tha na h-Eileanan an Iar air mòran de na Gàidheal òga a chall agus mur a dèan am BBC, Bòrd na Gàidhlig agus buidheannan cumhachdach eile den t-seòrsa sin an oidhirp gus obair a chuir air bruthach dhaibh air a’ Ghàidhealtachd, cha ghabh gealladh an SNP thoirt gu rath. Tha a’ Ghàidhealtachd fhathast mar a bha i ri linn mo sheanar, tha na h-iteagan bòidheach aig na h-eòin a tha fad às.

Tha smaoin agam gum faodadh piseach a thighinn air an àireamh de luchd-bruidhinn na Gàidhlig ro 2021 ach càit am bi iad?

Tha an ceangal eadar tìr is teanga, eadar an Gàidheal agus a’ Ghàidhealtachd ga bhristeadh a h-uile latha ann an Alba agus cha lèir dhomh fhìn nithean anns na tha an rùn don SNP a ni atharrachadh air sin fhathast.

‘S e an ginealach a’ seo a chuireas bonn-stèidh na h-Albann a-sìos agus ‘s e mo mhòr-dhòchas gun dean an SNP tuille gus ar dùthaich, dual-chainnt agus daoine a thoirt air ais le chèile. Ge beag an obair a tha ga dhèanamh aig an ìre seo, bidh am blàth ‘s a’ bhuil.
Chan eagal dhomh nach e fèin-rìaghladh na h-Albann a’ chiad-cheum dhuinn mar Ghàidheil air fèin-mhisneachd agus tha mi a’ guidhe buaidh agus pìseach do dh’Ailig Salmond agus a bhuidheann airson an teirm a tha air thoiseachd.

Griogair Labhruidh http://www.griogair.com/

Tùs-fhoillseachadh na h-aiste seo (ann an Gàidhlig na h-Alba) sa phàipear-naidheachd Èireannach “Gaelscéal” (leagan digiteach 13.05.2011) http://www.gaelsceal.ie/

FACLAIR: Gàidhlig
[Gaeilge] Beurla

buidheann [grúpa, páirtí] – group/party (political party)
a chuir air bruthach [a chur ar bun, a bhunadh] – put down/set down/established (only used in Baile Chaolais)
ùidh air n-ùidh [de réir a chéile] – bit by bit (slowly but surely) (only used in Baile Chaolais)
a’ strì gun sgur [ag snámh in aghaidh easa] – struggling without end
cunntas-bheachd [reifreann] – referendum
neo-eisimeileachd [neamhspleáchas] – independence
adhartas [dul chun cinn] – progress
teagamh [amhras] – doubt

cànan [teanga] – language

ann an eatorrasin a state of decay lit. eu-torras – non-fertility (only used in Earra-Ghàidheal)
gairm-fhollaiseach [forógra] – manifesto
ron taghadh [roimh an toghchán] – before the election
‘s imear mi [ní mór dom] – I must
bitheanta [minic] – often

fèill riantanachreasonable demand
àireamh shònraichte [uimhir áirithe] – a particular number
duillicheas (usually duilgheadas) [deacracht] – difficulty
eilthireachd [eisimirce] – emigration
idir [in aon chor] – at all
iomairt [togra, scéim] – scheme/project
soirbheachail [rathúil] – successful

beartach agus iomadh-fhillterich and complex (iomadh-fhillte, lit. iomadh/manyfillte/folded ie. Many-fold)
mu choinneamh sin [chomh maith leis sin] – as well as (mu choinneamh, lit. in front of that)
inbhe [próifíl] – profile
bu ghasta leam [ba mhaith liom] – I would like (only used in Earra-Ghàidheal)

falamh [folamh] – empty
oidhirpean [iarrachtaí] – attempts
ceàrn [ceantar] – area/region
geallaidhean [gealltanais] – promises

a dh’aindeoin [d’ainneoin] – despite
piseach [biseach] – improvement
bonn-stèidh [bunsraith] – foundation
aig an ìre seo [ag an nóiméad seo] – at this stage
rathsuccess

tha iteagan bòidheach aig na h-eòin a tha fad àsthere are pretty feathers on the birds that are far off (grass is greener on the other side) (only used in Earra-Ghàidheal)

bidh am blàth ‘s a’ bhuilthe result will be in the effect (ie. the proof of the pudding will be in the eating) (only used in Earra-Ghàidheal)

This article considers possible implications of the SNP victory for Gaelic-speakers.

Published with thanks to Gaelsceal