le Seosamh Ó Riain
Ceistean air an togail mu iarrtas na Tuirce a bhith na ball dhen Aonadh Eòrpach agus saorsa cainnte air a dhiùltadh san tìr.
Tha neul mòr dubh de amharas os cionn saorsa nam pàipearan-naidheachd san Tuirc bhon a chaidh deichnear luchd-naidheachd agus sgrìobhaichean a thilgeil sa phrìosan aig toiseach a’ Mhàirt. Thathar a’ cur às an leth gur buill de Ergenekon iad, buidheann a tha ag iarraidh, mas fhìor, Riaghaltas Recep Tayyip Erdoğan a thoirt a-nuas.
Is iad Ahmet Şık agus Nedim Şener an luchd-naidheachd as cliùitiche a chaidh a ghabhail. Am measg na feadhna a chaidh a chur an grèim còmhla riù, bha sianar luchd-naidheachd a bha ag obair airson Oda-TV (làrach-lìn), Dogan Yurdakal, na ùghdar leabhair mu sheirbhisean fiosrachadh na Tuirce, agus an t-Ollamh Yalçın Küçük, na sgrìobhaiche, eachdraiche, sgoilear ainmeil agus na fhear-càinidh an riaghaltais. Chuir na h-ùghdarrasan ceannard Oda-TV, Soner Yalçın, an sàs dà sheachdain rona sin air 18 dhen Ghearrain.
Am Buidheann Ergenekon
Is ann o chionn ceithir bliadhna a thòisich rannsachadh dian-thograch na cùis-lagha an aghaidh Ergenekon los co-fheall an aghaidh sluagh-fhlaitheas na Tuirce a dhearbhadh. Is e a’ chasaid gur buidheann dearg-nàiseantach cleitheach a th’ann ‘s e air chùl oidhirpean gus mi-riaghailt a dhùisgeadh agus coup d’état a thoirt gu buil. Is i seo a’ chùis-lagh eucorach as mò agus as fhollaisiche fad iomadach bliadhna san Tuirc, agus tha am poileas air barrachd air 300 duine fo amharas a chur an sàs cheana, a’ gabhail a-steach oifigich airm, luchd-poilitigs, àrd-ollamhan, luchd-naidheachd, luchd-inntleachdais agus luchd-gnothaich. Tha cuid dhiubh air a bhith an grèim fad dà bhliadhna, gun fhios cuin a chì iad cùirt. Chan iad buill dhìte Ergenekon a-mhàin a tha an sàs, ach Kurdaich cuideachd a sgrìobh “propaganda” sam bith dhan PKK (Partaidh Luchd-obrach na Kurdastaine).
Air cho dona ‘s a bha cùisean gu ruige seo, tha e coltach gun tàinig car mòr san sgeul nuair a chaidh an luchd-naidheachd measail iomraiteach a chur sa phrìosan. B’e cùis-bhròin, dèisinn, agus feirge fìreantaich a bha seo do mhòr-shluagh na dùthcha, oir bha a’ mhòr-chuid dhe na daoine fo ghrèim ud neo-eisimeileach neo-phàirteach. Cha b’ann air an riaghaltas a-mhàin a rinn am poball cronachadh, ach air a’ phartaidh dhùbhlanach cuideachd. Mar a thachair, b’iad an dithis luchd-naidheachd rannsachail ainmeil, Ahmet Şık agus Nedim Şener, a bha air Ergenekon a thoirt fa-near do dhaoine sa chiad dol-a-mach.
Şık agus Şener
Fad barrachd agus deich bliadhna tha Şık agus Şener air a bhith ri irisearachd air pàipearan-naidheachd eugsamhla agus iad a’ tarraing aire air sàrachadh chòraichean daonna san Tuirc.
Sgrìobh an dithis aca leabhraichean thar nan ceithir bliadhna sa chaidh, a’ deàrrsadh solais mhòir air Ergenekon. Tha cuid de luchd-amhairc dhen bharail gun deach an dithis a mhùchadh a chionns gun do chàin iad poileas na tìre gu minig.
Bha Şık ris a’ pheann o chionn ghoirid, ‘s e ag obair air leabhar ùr sna nochd e an dlùth-cheangal, ar leis, eadar am poileas agus gluaiseachd Ioslamach ris an abrar Fethullah Gülen. Thuirt e gur ann ri linn ruaig air oifigean làrach-lìn a ghlac am poileas dreach dhen leabhar. Tha e coltach gu robh partaidh an riaghaltais, AKP, a’ fàs an-fhoiseil leis an sgrùdadh a rinn Şık air a’ ghluaiseachd Gülen – lìonra Ioslamach a b’urrainn, mas fhìor, buaidh nach beag a thoirt air na feachdan tèarainteachd. Neartaich seo beachd daingeann luchd-dùbhlain an AKP gu bheil am partaidh ud nas dìlse do a fhreumhan Ioslamach na bhios e leigeil fios. Theirear gu tric gu bheil an riaghaltas a’ cleachdadh Ergenekon gus feagal mòr a chur air a luchd-càinidh. Tha Şık fo chùis-lagh mar-thà airson ‘rùintean-dìomhair na stàit a sgaoileadh’ ann an dà leabhar a cho-sgrìobh e leis an irisear Ertugrul Maviolgu. Chaidh a’ chùis-lagh a chur air bhonn an Dàmhair 2010, agus ma thèid a dhìteadh, gheibh e ceithir bliadhna sa phrìosan. A’ bruidhinn o chionn ghoirid, thuirt Ertugrul Mavioglu gum b’iad ailt a sgrìobh Şık leis an tiotal ‘Leabhraichean-là Coup’, a chaidh fhoillseachadh ann an 2007 san iris Nokta, a spreig an rannsachadh air Ergenekon fhèin.
B’e an t-iar-Cheannard-Cabhlaich, Özden Örnek, a rèir coltais, a mheòraich sna leabhraichean-là air ro-innleachdan gus am Prìomhaire Erdoğan a leagail. Şener a rinn sgrùdadh air ‘stàit dhomhanta’ na Tuirce, mar a chanas iad fhèin – a-mach air lìonra poilitigeachd, còraichean agus eucoir eagraichte. Esan cuideachd a thug am follais a bheachd ann an leabhar gu robh na feachdan tèarainteachd an sàs ann am murt an fhir-deasachaidh Thurcaich-Airmèanaich, Hrant Dink ann an 2007. Chaidh Şener a thoirt gu cùirt ann an 2010 mar thoradh air an leabhar sin ach chaidh a shaoradh. An dearbh bhliadhna bhuilich an IPI (International Press Institute) an duais ‘World Press Freedom Hero’ air.
Sluagh-fhianais
Lìon mìltean is mìltean de dhaoine sràidean Iostanbùl gus taic a shealltainn dhan luchd-naidheachd a tha an grèim. Ghabh luchd-naidheachd sòisialach, nàiseantach, Ioslamach agus liobralach compàirt san t-sluagh-fhianais. A rèir Comann Luchd-Naidheachd na Tuirce tha 58 irisear sa phrìosan ged a bhios an Riaghaltas fhèin a’ cantainn gur e 27 am figear ceart.
Rinn an t-Aonadh Eòrpach, na Stàitean Aonaichte agus Human Rights Watch air fad soilleir an cuid iomagain a thaobh saorsa cainnte agus sluagh-fhlaitheis san Tuirc. Shleamhnaich an dùthaich sìos liosta saorsa an naidheachdais, a bhios am buidheann Reporters without Borders a’ foillseachadh gach bliadhna, gu àireamh 138 a-mach à 178 tìr. Abair cùis-smuain dhan Tuirc a tha na bhall de NATO agus a tha ag iarraidh tighinn a-steach dhan Aonadh Eòrpach. Gun luaidh air impleachdan dhan taghadh choitcheann an ceann dà mhìos.
Tùs-aiste: Náire na Tuirce
Eadar-theangaichte bhon Ghaeilge dhan Ghàidhlig le Fearghas MacFhionnlaigh
This article considers the restrictions on press freedom in Turkey, despite membership of NATO and aspirations to join the EU.