Rathaidean-iarainn Albannach, cànanan Albannach, agus mapaichean Albannach

6
897

le Pòl Caomhánach, eadar-theangaichte don Ghàidhlig le Fearghas MacFhionnlaigh

Gliog an seo gus an aiste seo leughadh sa Bheurla
Gliog an seo gus an aiste seo leughadh sa Bheurla Ghallda

Cha bu nòs riamh do Alba ar cànanan dùthchasail a chur air soidhneachan poblach. Thòisich atharrachadh mean air mhean, ge-tà, san leth mu dheireadh dhen 20mh linn gu ruige seo agus a-nis tha làthaireachd bheag ach sìor fhàs aig a’ Ghàidhlig air soidhneachan is sanasan ann an àitichean poblach.  Am broinn togalach na Pàrlamaid tha na soidhnichean uile sa Bheurla agus sa Ghàidhlig, le urram is meas co-ionann gan toirt dhan Ghàidhlig aig Taigh an Ròid – dìreach mar bu chòir.  Is fhada an rathad a tha roimh a’ Ghàidhlig fhathast mus bi e na rud làn-àbhaisteach soidhnichean is sanasan poblach fhaicinn sa chànan, ach tha grèim-coise daingeann aice a-nis.

Bidh luchd-labhairt na Gàidhlig a’ cleachdadh thrèanaichean còmhla ri càch. Ann an 1996 thòisich Scotrail air tionndaidhean Gàidhlig a chleachdadh air soidhnichean-àite nan stèiseanan-rèile.  Sa chiad dol a-mach b’iad a-mhàin na stèiseanan tuath air Inbhir Nis agus air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar a fhuair soidhnichean dà-chànanach – mar as trice leis a’ Ghàidhlig fon Bheurla – ach beag air bheag tha Scotrail air seo a leudachadh.

Bhon Mhàrt 2010 thòisich soidhnichean-ainm dà-chànanach Gàidhlig-Beurla air nochdadh air stèiseanan air Ghalltachd an cois ath-nuadhachadh nan sanasan sa stoidhle ùr-stèite ‘Bratach Naoimh Aindreis’.

Tha solarachadh shoidhnichean-stèisein sa Ghàidhlig fhathast neo-chunbhalach. Nuair a dh’ath-nuadhaicheas Scotrail stèisean sam bith thèid sanasan dà-chànanach a chur an àite na feadhna aon-chànanaich. Chan eil soidhnichean dà-chànanach air a h-uile stèisean ann an Alba aig a bheil ainm Gàidhlig a tha aithnichte gu h-oifigeil.  Tha stèiseanan ann an Alba gun soidhnichean dà-chànanach ged a bhios ainm oifigeil Gàidhlig aig an àite, ach mar thoradh air ath-nuadhachadh stèisean sam bith a tha air fàs robach le aois bu chòir ainmean Gàidhlig a bhith rim faicinn nas trice.

Tha mi a’ moladh co-dhùnadh Scotrail gus soidhnichean-stèisein sa Ghàidhlig a chur air bhog.  Le bhith toirt làthaireachd phoblach dhan chànan, gu h-àraid air slighean-còmhdhail mòra, thathar ga dhèanamh làn-shoilleir gur e tìr air leth a th’ann an Alba, agus a dualchas sònraichte cànanach fhèin aice.  Bu chòir sanasan Gàidhlig a bhith aig gach uile stèisean-trèana ann an Alba.

Ach chan eil ainmean-stèisein Gàidhlig ag ìnnse dhuinn ach pàirt de ar sgeul, oir tha an dearbh argamaid mun Ghàidhlig a cheart cho fìor mun Bheurla Ghallda mar an ceudna.

A dh’aindeoin seo chan eil làthaireachd sam bith aig ainmean sa Bheurla Ghallda air an lìonra-rèile, no an àite sam bith eile, cha mhòr.  Chan eil seo cothromach.  Tha a’ Bheurla Ghallda a cheart cho àiridh air meas is miadh.  Tha dà chànan nàiseanta aig Alba, agus tha co-ionannas aca mar chànanan nàiseanta dhen Alba air fad.  Taic sam bith a bheir sinn mar choimhearsnachd dhan Ghàidhlig, bu chòir dhuinn an dearbh nì a dhèanamh airson na Beurla Gallda.

Is mithich dhomh tighinn a-mach as a’ chlòsaid.  Chan e gìc chànanan a-mhàin a th’annam, ach gìc thrèanaichean cuideachd.  Is e mo chùis-nàire phrìobhaideach a tha seo, ged air m’onair cha do sheas mi riamh aig ceann àrd-ùrlair stèisein agus chan eil anorag agam.  O chionn mìos no dhà dh’fheuch mi ri mapa stèiseanan-rèile na h-Alba fhaighinn, ach cha b’urrainn dhomh fear a lorg.  Ged a bhios an stuth fiosrachaidh is follaiseachd as ùire a’ nochdadh ainmean-stèisein Gàidhlig an cois na feadhna Beurla, is e a bha dhìth orm ach clàr-dùthcha Gàidhlig de loidhnichean-rèile na h-Alba air fad, a’ sealltainn a h-uile stèisean san dùthaich.

Dh’ionnsaich mi le iongantas nach eil a leithid a’ mhapa ri fhaighinn sa Bheurla fhèin, gun luaidh air a’ Ghàidhlig no a’ Ghalldais.  Gheibhear mapaichean prìomh-loidhneach, mapaichean sgìre-loidhneach agus mapaichean fo-bhailteach, ach chan fhaighear aon mhapa singilte sgeamàtach a sheallas a h-uile loidhne-rèile agus stèisein san dùthaich.

Mar sin chuir mi romham fear a chruthachadh agus a dh’fhoillseachadh saor is an asgaidh an seo air Newsnet.  Ghabh mi mapa-rèile barraichte Srath Chluaidh, e-fhèin stèite air fear clasaigeach lìonra Fo-thalamh Lunnainn, agus leudaich mi e a-chum Alba gu lèir a chòmhdachadh.  B’fheudar dhomh na slighean-rèile a chìthear a mhìneachadh ann an dòigh nas sìmplidh gu ìre, ach tha loidhnichean-rèile luchd-siubhail uile agus stèiseanan-trèana uile rim faicinn air a’ mhapa ùr seo. Rinn mi am mapa sa Bheurla, sa Ghàidhlig agus sa Bheurla Ghallda.

Tha mi ‘n dòchas gun spreig na mapaichean seo deasbad a thaobh solarachadh ainmean a tha aithnichte gu h-oifigeil airson ar bailtean beaga agus mòra anns gach fear de ar cànanan nàiseanta – a bharrachd air dòigh spòrsail ùr a thoirt dhuinn gu bhith dol air seachran air lìonra-rèile na h-Alba.

Air a’ mhapa Gàidhlig chaidh ainmean a tha aithnichte gu h-oifigeil a chleachdadh, far a bheil an leithid am bith.  Le ‘oifigeil’ is ciall dhomh gu bheil iad rin lorg air stòr-dàta Ainmean-Àite na h-Alba air neo air an liosta de ainmean-àite a chuir Iain Mac an Tàilleir ri chèile as leth seirbheisich chatharra Taigh an Ròid.  Tha ainmean as aonais aithneachaidh oifigeil air an comharrachadh le reultag.

Chan eil gin de na h-ainmean sa Bheurla Ghallda air aithneachadh gu h-oifigeil.  Gu dearbh canaidh cuid nach gabh mapa Alba a dhèanamh sa Bheurla Ghallda.  Chan eil mi a’ gabhail ri sin idir.  Ach bu chòir a dhèanamh soilleir gu bheil a h-uile ainm air a’ mhapa Gallda neo-oifigeil agus eadar-amail.

Is dòcha nach aontaich cuid lem roghainn de ainmean sa Ghalldais no sa Ghàidhlig. Gu dearbh chan eil mi a’ cumail a-mach idir gu bheil na tionndaidhean neo-oifigeil a chleachd mi air na mapaichean seo na h-aona ainmean ‘dòigheil’ no ‘cearta’.  Sin as adhbhar gu bheil ainmean neo-oifigeil Gàidhlig comharraichte gu soilleir le reultag.

Rinn mi na mapaichean airson dà phrìomh adhbhar.  Sa chiad dol a-mach gus am prionnsabal a stèidheachadh gum bu chòir ainmean aithnichte gu h-oifigeil sa Bheurla, sa Ghàidhlig agus sa Bheurla Ghallda a bhith aig a h-uile àite ann an Alba.  Agus a shealltainn gu soilleir gun gabh sin dha-rìribh a dhèanamh airson gach àite.  Agus gus am prionnsabal a stèidheachadh gum bu chòir Gàidhlig is Galldais a bhith air an cleachdadh air mapaichean.  

Chan eil leisgeul ann àite fhàgail gun ainm Gàidhlig dìreach a chionns nach eil ainm Gàidhlig dualchasach aige.  An dèidh gach cùis, chan iad buill-thaisbeantais taigh-tasgaidh a th’anns a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla Ghallda, ach cànanan a tha beò ‘s anail annta.  Is e a th’ann an cànan beò ach cànan a thathar a’ cleachdadh gu cruthachail ‘s gu spreigearra.  Mur eil cànan ga chleachdadh gu cruthachail tuilleadh tha e dol bàs.

Agus sa dàrna àite, agus is dòcha nas cudromaiche, bha mi dìreach airson faicinn cò ris am biodh mapaichean de Alba ann an Gàidhlig ‘s ann an Galldais coltach.  Tha iad a’ toirt dhuinn sealladh eadar-dhealaichte de ar dùthaich, gu tur diofraichte bho shealladh na Beurla.  Is e sealladh a th’ann air a bheil sinn feumach, a-nis ‘s a-rithist co-dhiù, gu bhith toirt dhar cuimhne cò th’annainn, no pàirt cudromach dheth.

Tha mi air a bhith an sàs gu mòr ann am mapaichean na làithean-sa.  A bharrachd air na mapaichean-rèile seo tha mi gu bhith deiseil le mapa mòr rathaidean na h-Alba.  Tha tuilleadh ‘s 1800 ainm air a’ mhapa tha seo agus rinn mi dà thionndadh dheth, fear sa Ghàidhlig agus fear sa Bheurla Ghallda.  Tha dòchas againn na mapaichean seo fhoillseachadh air Newsnet ann an ùine gun a bhith fada.  Tha dòchas againn cuideachd gum bi lethbhric chlò-bhuailte ann.

Bu toigh leam taing a thoirt do Fhearghas MacFhionnlaigh airson a chuideachaidh leis na mapaichean Gàidhlig agus airson an aiste seo eadar-theangachadh gu Gàidhlig nas siùbhlaiche na bha dùil agam a bha nam chomas fhèin.