Tha beagan den fhear-uaimhe annainn uile

0
709

eadar-theangachadh Gàidhlig le Steafan MacRisnidh
Click here tae read this airticle in Scots
Click here to read this article in English

B’ e fear de na h-adhartasan a bu mhotha a bh’ ann an nuadh ghintinneachd nuair a fhuaras gu bheil mac an duine na nuadh aimsire uile a-mach à dream sluaigh Afraganach a dh’ imrich à Afraga an Ear bho chionn timcheall air 80,000 bliadhna, agus a sgaoil air feadh na cruinne an dèidh sin. Lorg sgrùdadh ùr le eòlaichean gintinneachd, a chaidh aithris anns an iris shaidheansail Science Express, fianais gun robh na slòigh a bu tràithe a thàinig chun na Roinn Eòrpa a’ co-bhriodachadh leis na Nèandeartalaich a fhuair iad nan còmhnaidh an seo mar-thà.

Air dhaibh Afraga fhàgail, thachair daoine à linntean tràth na nuadh aimsire air treubhan dhaoine de shliochd nan gnèithean daonna às na linntean ro eachdraidh, a bh’ air Afraga fhàgail na ceudan mìltean de bhliadhnaichean roimhe. San Roinn Eòrpa agus ann an Àisia na h-Àirde an Iar, bha na treubhan seo à linntean ron nuadh aimsir, air a dhol nan Nèandeartalaich, gnè diofraichte a’ chinne-daonna. Ann an Àisia na h-Àirde an Ear, chaidh iad nan dream uaigneach air a bheil muinntir Deanasobha, ainmichte air uaimh ann an Siberia far an deach dust aosta dhaoine a lorg.

Bha an sgaradh eadar mac an duine nuadh à Afraga agus na Nèandeartalaich is Deanasobhanaich cus na bu mhotha na tha na dealachaidhean eadar cinnich an là an-diugh, nach eil ach meanbh agus neo-tharbhach bho thaobh gintinneachd. Leis gun d’ fhuaras a-mach gum b’ e gnè fa leth a bh’ anns na Nèandeartalaich, bha mòran eòlaichean teagmhach gun robh e an comas do mhac an duine nuadh a bhith a’ co-bhriodachadh le Nèandeartalaich no Deanasobhanaich, agus a’ sìolachadh chlann bheò torrach. Ann an rìoghachd nan ainmhidhean, nuair a bhios dà ghnè a tha dlùth an dàimh a’ co-bhriodachadh, ‘s ann gu tric a gheibhear àl neo-thorrach mar bhuil, a leithid an leth-asal, a thàinig à co-bhriodachadh an eich agus an asail.

Bha mac an duine na nuadh aimsire agus Nèandeartalaich ann an co-bhith fad ùine mhòir. Ged a dh’fhàg ar sinnsearan Afraga bho chionn timcheall air 80,000 bliadhna, chaidh 30,000 bliadhna no barrachd seachad mus do thòisich iad air tuineachadh anns an Roinn Eòrpa, a bha na tìr chòmhnaidh do na Nèandeartalaich gus an àm sin. Chaidh Nèandeartalaich à bith bho chionn timcheall air 25,000 bliadhna. Tha an dust Nèandeartalaich as ùire a’ dol air ais 28,000 bliadhna agus chaidh a lorg ann an ceann a deas na Spàinne.

Le bhith a’ toirt fa-near cleachdaidhean feise a’ chinne-daonna agus na mìltean de bhliadhnaichean san robh ar sinnsearan ag eadar-obrachadh còmhla ri Nèandeartalaich, bha ìre mhath de chinnt ann gun robh cleamhnas aig mac an duine na nuadh aimsire ris a’ ghineal na bu shine, ach bha e mar cheist an do dh’fhàg toradh a’ cho-luadair seo buaidh sam bith air sliochd ginteil an latha an-diugh. Tha an sgrùdadh ùr seo a’ daingneachadh gu bheil ceudad beag ach cudromach de nuadh ghineachan daonna ann an slòigh neo-Afraganach a’ buntainn do na gnèithean seo ron nuadh aimsir. Chan e a-mhàin gun robh mac an duine agus Nèandeartalaich is Deanasobhanaich a’ co-bhriodachadh, ach gun robh a’ chlann a shìolaich bhon cho-luadar seo torrach agus gun robh clann aca fhèin an dèidh sin.

Bha rannsachadh ron seo air bonntachadh a-cheana gu bheil mu 4% de DNA dhaoine an latha an-diugh a’ buntainn do na gnèithean daonna neo-Afraganach seo à linntean ron nuadh aimsir. Tha an rannsachadh as ùire a’ cuimseachadh air na gineachan seo agus gan comharrachadh. Tha e coltach gu bheil pàirtean den t-siostam in-dìon dhaonna, a tha bitheanta an taobh a-muigh air Afraga, a’ freumhachadh ann an Nèandeartalaich agus muinntir Deanasobha. A rèir an sgrùdaidh, tha na pàirtean seo den t-siostam, nan caochlaidhean de ghine air a bheil HLA, a’ cuideachadh le bhith a’ dìon mac an duine bho chuid de ghalaran agus bhìorasan bacteriach, agus bho bhith a’ diùltadh stuth-bodhaige ath-chuirte.

Tha eòlaichean a’ measadh gur e co-bhriodachadh le Nèandeartalaich agus Deanasobhanaich a dh’ fhàg gu bheil còrr is leth chuid de chaochlaidhean de dh’aon seòrsa den ghine HLA aig muinntir na h-Eòrpa is Àisia.

A rèir beachd Pheadair Parham à Sgoil Leigheasachd Oilthigh Stanford, a bha na cheann air rannsachadh san sgrùdadh: “Bha na gineachan HLA aig na Nèandeartalaich agus na Deanasobhanaich air am freagarrachadh ri bith-beò san Roinn Eòrpa is Àisia fad corra cheud mìle bliadhna, ach cha bhiodh na gineachan seo air a bhith aig an luchd-imrich a b’ ùire à Afraga. Mar sin, bhiodh e na bhuannachd do shlòigh a fhuair na gineachan seo, nam b’ e cleamhnas a thug dhaibh iad. ”